|
|
|
Songs | Albums | Album Arts
| Song: | Air a' Chuan |
| Album: | Heartland | Genres: | 80s |
| Year: | 1985 |
Length: | 308 sec |
Lyrics:
Tha am ball air fhuasgladh Is tha sinn a' gluasad Air a' chuan, air a' chuan Tha sinn a' seòladh Tro thonnan uaine Air a' chuan, air a' chuan
Air cùrsa deònach Tha sinn a' seòladh Air a' chuan, air a' chuan Fad bho thìr Is an talamh àghmhor Air a' chuan, air a' chuan
Is mi a' sealltainn man cuairt Is mi cho fada bhuat Càil ach muir, tonnan is cuan Ò mo rùn
Tha a' ghaoth a' sèideadh Nan tonnan fiadhaich Air a' chuan, air a' chuan Tro thonnan fiadhaich Is droch shìde Air a' chuan, air a' chuan
Cho domhainn an cuan Cho luachmhor an uair Nach mair fada buan Ò mo rùn
Sinn a' treabhadh Tron an oidhche Air a' chuan, air a' chuan Siubhal sàbhailteachd Is madainn shunndach Air a' chuan, air a' chuan
Thig crìoch air an t-saoghal Is thig crìoch air daoin' Ach mairidh ceòl is mairidh gaol Ò mo rùn
|
All lyrics are property and copyright of their owners.
Copyright © 2002-2026. Zortam.com. All Rights Reserved.
|