|
Lyricist: Runrig
Lyrics:
Air sgiath a’ seòladh nan neòil
’S an domhain liath
Mar dhealbh a’ tighinn beò tro na sgòthan
’S mi tilleadh gu tìr
Alba nam beanntan àrd
Nan acraichean lom
Thairis air na lochan mòintich
Nan coilltean ’s nan gleann
Alba, Alba
Alba, Alba
Ach ’s e sealladh leòinte is gann
’N seo aig ceann thall an linn
Talamh àlainn nan daoine
Fhathast an làmhan duine no dithis
Cuibhlean stòlda mu dheas
Na fàsaichean a tuath
An taigh mòr falamh an Dùn Èideann
Gun chùmhachd gun ghuth
Alba, Alba
Alba, Alba
Alba, Alba
Alba, Alba
Sibhse chuir achadh ri achadh
Taigh ri taigh
Gus nach bi àit’ anns an tìr
An gabh sibh còmhnaidh air leth
Ach ’s math dhomh bhith seo an-dràst’
A’ cur fàilt’ air a’ bhlàths
San tìr tha cho ùr dhomh an-diugh
Is a bha i nuair bha mi nam phàist’
Alba, Alba
Alba, Alba
All lyrics are property and copyright of their owners.
2025 Zortam.com
|