Auto Mp3 Tagger
 Artist: A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z 0-9

Download Now!!!

Songs    | Albums    | Album Arts

Song:Aodann Srath Bhàin
Album:DeliriumGenres:Folk
Year:1991 Length:245 sec

Lyrics:

'S mi ri imeachd nam aonar
Anns an òg-mhadain Mhàigh
Feadh lèantaichean uaine
Mar fhear-fuadain gun stàth
Nuair a chunnaich mi a' ghruagach
An taobh shuas dhiom a' tàmh
'S i ri nigh'a cuid aodaich
Mach air aodann Srath Bhàin

An sin dhìrich mi suas
Far 'n robh gruagach mo ghràidh
Is labhair mi rithe
Gu sìobhalta tlàth
'Tha bliadhn'agus còrr
Bhon a thòisich an gràdh
Is ma bhitheas tu deònach
Nì sinn pòsadh gun dàil'

'Gu pòsadh, gu pòsadh
Ro òg tha mi 'n dràsd'
Gu bheil teang'aig do sheòrsa
Dhèanadh fògradh 's gach àit
Gum biodh m'athair 's mo mhàthair
Gam chàineadh gu bràth
Nam pòsainn do leithid
O fhleasgaich gun stàth'

Ach a nìonagan òga
Tha gun phòsadh 's gach àit'
Na diùltaibh fir òga
Le mòrchuis no tàir
Nach muladach dhòmhsa
Bhith gun phòsadh gu bràth
'S fheudar fuireach nam aonar
Mach air aodann Srath Bhàin




 

Download Now!!!

Copyright © 2020 Zortam.com. All Rights Reserved.   Zortam On Facebook Zortam On Twitter