|
|
Songs | Albums | Album Arts
Lyrics:
Nuair a sheasas mi 's an dorust Chì mi 'choille bhos mo chinn Sìnidh mo shùilean ri sileadh Tha mo mhisneachd air a chlaoidh É ho rò 's 'na bheil air m' aire 'S mór a-nochd a tha mi 'caoidh Ill ù ill ò gur mór mo luaidh ort Ged nach d'fhuair mi thu dhomh fhìn
'S ann agam fhìn a bha na bràithrean 'S bi mi 'ga 'n àireamh a chaoidh 'S truagh nach robh mi aig a' charraig Nuair a dh'éibh 'ad soraidh leibh É ho rò 's 'na bheil air m' aire 'S mór a-nochd a tha mi 'caoidh Ill ù ill ò gur mór mo luaidh ort Ged nach d'fhuair mi thu dhomh fhìn Nuair a ràna' sinn an 'Table' Bha mo chuideachd gu léir ann cruinn Mo phiuthar 's mo bhràthair-céile 's Gun stiall eudaich air an druim É ho rò 's 'na bheil air m' aire 'S mór a-nochd a tha mi 'caoidh Ill ù ill ò gur mór mo luaidh ort Ged nach d'fhuair mi thu dhomh fhìn Seiche na bà air a cairteadh Air a càradh air mo dhruim 'S mi air stàbhradh leis an acrais Col'as a' bhàis a' tighinn air m' aghaidh É ho rò 's 'na bheil air m' aire 'S mór a-nochd a tha mi 'caoidh Ill ù ill ò gur mór mo luaidh ort Ged nach d'fhuair mi thu dhomh fhìn
Nam biodh agam cliabh 's corran Feamain ìseal 's m' eathar fhìn Cha bhiodh mo chlann air a' bhrochan 'S an tìr mhosach 'gam o chlaoidh É ho rò 's 'na bheil air m' aire 'S mór a-nochd a tha mi 'caoidh Ill ù ill ò gur mór mo luaidh ort Ged nach d'fhuair mi thu dhomh fhìn
|
All lyrics are property and copyright of their owners.
2025 Zortam.com
|