|
Lyrics:
Uair a bha an tir mar fhàsach,
cha robh bròg a thogadh danns ann,
s gann am beul a sheinneadh duan ann,
smior an dream mar ath-sgal tuamach.
Creid ar nàimhdean is an cumhachd,
iad a dhiarr ar muchadh buileach;
ann an lagh is ann am foghlam,
dhiùlt iad dhuinn ar cliù s ar còirean
Seòlta mar a chaidh ar mealladh
gu bhi measadh faoin ar teanga
gus an robh i cnàmhte s anfhann,
an impis a bhi suaint san anairt -
Thog sinn strì s cha bann le fòirneart
ach le fonn is ruighl is òran
Cha be caismeachd tromh na sràide
ach tromh a buadhan grinn, a Ghàidhlig.
Seinn is seinn, O seinn a nàbaidh, mireadh chasan, o hi
seinn as ùr i, ar seann chànan, binneas bhilean, o ho
Download Now!!!
Copyright © 2020 Zortam.com. All Rights Reserved.
|