Madainn Dihaoine 's dùthaich fo sgòth 'S mi sgìth le cuid smalan, Mi-mhisneachd is bròn Seo an deicheamh là dhan A' Ghiblean 'sinn fo ghruaim a rithist An co-dhùnadh a cheannaich Na daoine aig prìs
Tha spiorad nan daoine Nas soilleir na ghealach Nas doimhne na 'n cuan Gheibh sinn ar n-àite 'san t-saoghal 'S an ginealach ùr
Àrd: blàr nan daoine Àrd: guth is saorsa Àrd: tha sinn gluasad Gu h-àrd thèid sinn suas
'S iomadh trioblaide romhainn Nis Gàidheal agus Gall 'S mi le aon sùil air eachdraidh, Aon sùil mo chlann Ach cùm creideamh nad bheatha, Sonas nad chridhe Chan e seo deireadh rathaid Ach toiseach linn
Tha spiorad nan daoine Nas soilleir na ghealach Nas doimhne na 'n cuan Gheibh sinn ar n-àite 'san t-saoghal 'S an ginealach ùr
Àrd: blàr nan daoine Àrd: guth is saorsa Àrd: tha sinn gluasad Gu h-àrd thèid sinn suas
Àrd: blàr nan daoine Àrd: guth is saorsa Àrd: tha sinn gluasad Gu h-àrd thèid sinn suas
Chan urrain dhomh fuireach An taigh tha fo sgòth Ach le creideamh is dòchas Mu deireadh mo là Tha an lasair nad anam Aig meadhan do bhith Nas laidir 's nas motha Na riaghaltas no rìgh